Support Worker (Early Learning & Childcare) (Gaelic) (11hpw) (Fixed Term until 01 July 2027), Plockton Primary School - HGH21762

Support Worker (Early Learning & Childcare) (Gaelic) (11hpw) (Fixed Term until 01 July 2027), Plockton Primary School - HGH21762

Full-Time No working from home possible
H

Job Description Tiotal Dreuchd: Neach-obrach Taice (Tràth-ionnsachadh & Cùram-chloinne) Àite: Bun-Sgoil Plockton Uairean: 11 san t-seachdain Ùine: Stèidhichte gu 01 Iuchar 2027 Tuarastal: £6,970 - £7,163 per annum Mar as trice, bidh am pàigheadh aig a’ chiad phuing dhen sgèile. Tha iarrtasan bho luchd-labhairt na Gàidhlig riatanach. Airson fiosrachadh mu bhith ag obair ann an TICC thoiribh sùil air childcarecareersscotland.scot/ Airson stiùireadh is beachdan mu dhreuchdan TICC ann an Comhairle na Gàidhealtachd cliogaibh an seo Neach Fiosrachaidh: Melanie Sinclair Fòn: 01599 737800 Adhbhar Obrach: Obrachadh mar bhall èifeachdach den sgioba chùraim-chloinne, a’ toirt taic dhan Cheannard ann a bhith a’ lìbhrigeadh raon chleasan brosnachail ann an àrainneachd shàbhailte a choinnicheas ri feumalachdan chloinne agus an teaghlaichean. Nithear an obair a rèir phoileasaidhean, stiùiridhean agus mhodhan cleachdaidh Chomhairle na Gàidhealtachd. Cuiribh a-steach IARRTAS AIR-LOIDHNE . Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd a’ brosnachadh cruthachas is innleachdas. Tha dealas againn do cho-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh. Tha sinn gu sònraichte a’ cur fàilte air iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith air am fo-riochdachadh nar feachd-obrach. Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd. Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte. Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air ur puist-d, agus air a’ phasgan sgudail Requirements Tha an obair seo air a seòrsachadh mar dhreuchd riaghlaichte. Mar thoradh, math dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis a rèir ur nàiseantachd agus an eachdraidh chòmhnaidheachd agaibh o chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an dearbhadh seo riatanach mura h-eil sibh a’ coinneachadh an dà shlat-tomhais a leanas: Feumaidh sibh a bhith nur nàiseanach dhen Rìoghachd Aonaichte no de aon de na dùthchannan a leanas: A’ Ghearmailt, Lituàinia, An Òlaind, Portagail, Romàinia, An Ungair, A’ Ghrèig, An Fhraing, Èirinn, An Eadailt, An Spàinn, no A’ Phòlainn. Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air a bhith ag obair taobh a-staigh dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no nan dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson barrachd air trì mìosan, fhad ’s a bha sibh aois 18 bliadhna no na bu shine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a chaidh seachad. Thoiribh an aire gur e an dleastanas agaib’ fhèin a th’ ann an Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis fhaotainn, agus bidh agaibh ri cosgaisean riatanach sam bith a phàigheadh.

Support Worker (Early Learning & Childcare) (Gaelic) (11hpw) (Fixed Term until 01 July 2027), Plockton Primary School - HGH21762 employer: Highland Council

Bishop Eden Primary School is an excellent employer that prioritises a supportive and inclusive work culture, making it a great place for individuals seeking meaningful employment. With a commitment to diversity and equality, the school offers opportunities for personal growth and development while ensuring a clean and safe environment for both staff and students. Located in the beautiful city of Inverness, employees can enjoy a fulfilling role within a community-focused institution that values every member's contribution.

H

Contact Details:

Highland Council Recruitment Team