At a Glance
- Tasks: Support young children’s learning and development in a vibrant Gaelic-speaking environment.
- Company: Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh, a welcoming and inclusive school.
- Benefits: Competitive salary, professional development, and a supportive team atmosphere.
- Other info: Fixed-term role until October 2026 with opportunities for growth.
- Why this job: Make a real difference in children's lives while promoting Gaelic culture.
- Qualifications: Fluent in Gaelic and experience in early years education preferred.
The predicted salary is between 26550 - 32450 £ per year.
Àite: Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh
Uairean: 20 san t-seachdain
Ùine: Stèidhichte gu 09 Dàmhair 2026
Tuarastal: £13,505 - £14,784 (Gun teisteanas) £14,996- £16,412 (Le teisteanas)
Feumaidh Gàidhlig a bhith aig tagraichean.
Neach Fiosrachaidh: Flora Guidi
Adhbhar dreuchd: Obrachadh mar bhall èifeachdach de sgioba, a’ lìbhrigeadh seirbheis tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne a tha subailte is de chàileachd àrd, agus a choinnicheas ri feumalachdan chloinn òga is an teaghlaichean.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd ag àrach cruthachas is ùr-ghnàthachas. Tha sinn dealasach a thaobh co-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh, agus tha sinn gu sònraichte a’ brosnachadh iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith fo-riochdaichte san sgioba-obrach againn.
Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.
Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.
Bu chòir dhaibhsan a tha air am fastadh mar Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean – le teisteanas – a bhith a’ cumail teisteanas aithnichte ann an Cùram-chloinne agus Foghlam. (Mar eisimpleir HNC/NNEB/SVQ 3) agus bidh am pàigheadh aig ìre HC0535.
Bidh e mar riatanas air Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean – gun teisteanas – obrachadh gu ruige aon de na duaisean gu h-àrd taobh a-staigh raon-ama aontaichte agus bidh am pàigheadh aig ìre HC0435.
Feumaidh an Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean a bhith clàraichte le Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) no aontachadh cur a-steach chun an CSSA gus clàrachadh mar neach-cleachdaidh. Às dèidh an dreuchd a ghabhail, bu chòir dhan Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean clàrachadh le CSSA.
Bhiodh teisteanasan ann an Làimhseachadh Bìdh agus Ciad Chobhair nam buannachdan.
Tha an obair seo air a seòrsachadh mar dhreuchd riaghlaichte. Mar thoradh, math dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucoireach Thall Thairis a rèir ur nàiseantachd agus an eachdraidh chòmhnaidheachd agaibh o chionn ghoirid.
Feumaidh sibh a bhith nur nàiseanach dhen Rìoghachd Aonaichte no de aon de na dùthchannan a leanas: A’ Ghearmailt, Lituàinia, An Òlaind, Portagail, Romàinia, An Ungair, A’ Ghrèig, An Fhraing, Èirinn, An Eadailt, An Spàinn, no A’ Phòlainn.
Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air a bhith ag obair taobh a-staigh dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no nan dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson barrachd air trì mìosan, fhad ’s a bha sibh aois 18 bliadhna no nas sine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a chaidh seachad.
Thoiribh an aire gur e an dleastanas agaib’ fhèin a th’ ann an Sgrùdadh Clàr Eucoireach Thall Thairis fhaotainn, agus bidh agaibh ri cosgaisean riatanach sam bith a phàigheadh.
Locations
Early Years Practitioner (Gaelic) (20 hpw) (Fixed Term until 09 October 2026), Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh - HGH20331 in Highland, Portree employer: Highland Council
Bishop Eden Primary School is an excellent employer that prioritises a supportive and inclusive work culture, making it a great place for individuals seeking meaningful employment. With a commitment to diversity and equality, the school offers opportunities for personal growth and development while ensuring a clean and safe environment for both staff and students. Located in the beautiful city of Inverness, employees can enjoy a fulfilling role within a community-focused institution that values every member's contribution.